El Alamein - Calum 'Cuddy' MacLeòid,
air a sheinn le Murdigan Dòmhnallach
'S e nochd oidhche bhatail mhòir
'S tha gach aon againn air dòigh,
Le "rifle" 's biodag thruis nar dòrn,
Air bruachan ciùin El-Alamein.
'S beag mo chà il bhith 'n seo an-drà st;
'S mòr gum b' à ill leam a bhith tà mh,
An Eilean Leòdhais le mo ghrà dh,
Fo sgà il Fir Bhrèige Chalanais.
Siud am "Fifty-first" an sà s,
Seòid na b' fheà rr cha deach gu blà r,
Na Sìophorts, 's Camshronaich 's Argylls
Cur smùid ast' len cuid bhiodagan.
Tha nise seachdain agus còrr
Bho chuir mi na rainn-s' air dòigh,
'S tha Rommel le chuid Afric Corp
Air a ruaig air falbh bho Alamein.
Chan eil an seo ach dùthaich thruagh,
Chan eil deoch innte no biadh;
"Bully Beef" is brioscaid chruaidh,
'S e siud am biadh tha againne.
'S ged tha teas na fà saich mòr
ga mo pianadh 's ga mo leòn
Na faighinn an drà sta là n mo bheòil
De uisge fuar cha ghearaininn.
'S nam biodh agam a seo an drà st'
Cothrom air an Tobar Bhà n
Chan fhà gainn i gum biodh i trà ight'
Ged bhiodh innt na gallanan.
Cha robh bhuaidh bha siud gun phrìs
Phà igh sinn oirr' le fuil ar crìdh,
Tha sinn fà gail mìltean sìnnt'
Ann an uaigh an ùir El-Alamein.

