'S fhada Bhuamsa thar a' Chuain -
Calum Mac an Tòisich, air a sheinn le Fionnlagh MacNèill
'S fhada bhuamsa thar a' chuain
'S fhada bhuamsa mo dhachaigh
Tric mo smuain-sa 's i ruith bhuam
A dh'Uibhist a Tuath gu mo dhachaigh.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Tha mi 'n seo air cost na Fraing'
'S beag a th' ann dhuinn ri tilleadh
'S mòr a th' air tuiteam dhuinn mu thrà th
Nach tog là mh no sùil cha phriob iad.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Chan eil fasgadh an seo no dìon
Cladhach tuill sìos fon talamh
"Shells" a' spealtradh dhuinn mun cuairt
Gun bhuaidh bidh m' uaigh-sa seo ro mhadainn.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Na mo smuain-sa tha an ciad-là mh
'S air cainnt a bheòil 's a shùil a' sileadh
Tha Dover air a dhol an ceò
'S cha bhi mi beò gus fhaicinn tuilleadh.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Chluinn an sin an còmhradh thall
Mu robh dà n dhan a' mhanadh
Mun robh'n oidhche suid ach òg
Fhuil is fheòil cha robh cuideachd.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
B' e mo mhiann-sa bhith an-drà st'
Dèanamh tà mh fo Chnoc a' Bharraich
Cluinntinn fuaim tighinn far Trà igh Stìr
Na cheòl binn nam sheòmar cadail.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Dh'èirinn sin à leabaidh bhlà th
'S chuirinn fà ilt' air grian na maidne
Nam mhiann-sa cuairt chur air an Àird
'S air grìoban à rda de ghob fhada.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Chromainn sìos air an Trà igh Mhòir
'S dhan Chròic Bhig 's Pholong cha mhealainn
'S ro Chaolas Bhà igh Mhà ileis dhan Trà igh Iar
'S dhìrinn siabain crìochan Sholais.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Ann an cogadh, chan iarrainn là mh
Is ga rèit gur là n mo dhaga
Gus nuair nochdadh rinn an nà mh
An sin gun dà il gun cuir sinn stad air.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
Co-dhùnaidh mi a-nis mo dhà n
'S bidh a' tà mh sìth gu brà th an Uibhist
'S na gillean dh'fhà g i thoirt an sà s
'S gu math slà n a nì iad ruighinn.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain
'S fhada bhuamsa mo dhachaigh
Tric mo smuain-sa 's i ruith bhuam
A dh'Uibhist a Tuath gu mo dhachaigh.
'S fhada bhuamsa thar a' chuain.

