Eilean Beag a' Chuain
le Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill,
air a sheinn le Aonghas Dòmhnallach
'S ann mu thuath, fada tuath,
Ri uchd-bualaidh muir-trà igh,
Tha eilean beag gorm a tuath,
Tìr mo luaidh thar gach ceà irn.
Bidh mi cuimhneachadh le deòir,
Air an t-sòlas a bha
Nuair bha gillean aotrom òg
'N Uibhist eòrnach nan trà igh.
Bhiomaid cruinn an taigh Iain Ruaidh
Gabhail dhuanag agus dhà n;
Greis air feadan, greis air phìob,
'S gabhte tì uair no dhà .
Bhit' a' cosnadh airgead pòc',
Gearradh mhònadh 's gach à it',
'Son a bhith againn anns a' champ
'S airson dram aig a' bhà r.
Chaidh na là ithean sin air chùl
'S thà inig tionndadh nach b' fheà rr,
'S b' fheudar seòladh thar a' chuain
Gu uchd-bualaidh a' bhlà ir.
Aig St. Valery bu chruaidh
Buill' is nuallan a' bhlà ir,
'S dh'fhà g sinn grunn de ghillean còir
Marbh gun deò air an trà igh.
Tha mise seo gu h-Ã nrach fuar
Anns a' chuaraidh fo gheà rd,
M' fhuil air tanachadh le dìth
'S cion a' bhidh air mo chnà mh.
Ach nuair a thilleas orinn an t-sìth,
Ma bhios sinn idir beò,
Chi mi fhathast luchd mo ghaoil
'N Uibhist bhraonach an eòrn'.
'S ann mu thuath, fada tuath,
Ri uchd-bualaidh muir-trà igh,
Tha eilean beag gorm a tuath,
Tìr mo luaidh thar gach ceà irn.
Ìý

