RealPlayer neo-shuidhichte
Ã’ran a' Ghearraidh Chruaidh - Donnchadh "Dodds" Graham, air a sheinn le Murachadh Moireasadan
Lùiginn dèanamh
òran nam b'eòl' dhomh dhol na cheann,
Briathran chur an òrdugh
son seòldairean bochd Leòdhais,
A chog sia bliadhna dhòrainneach
air bòrd gach seòrsa luing,
Chog iad dìon na rìoghachd
is bu dìleas a bha na suinn.
Gheall luchd-riaghlaidh mòran
dhuinn nam buannaicheadh sinn sìth,
Gheall iad taighean mòra
dhuinn, 's nach biodh a-chaoidh òirnn dìth,
Ach pà igheadh
bochd na thuarastal a fhuair na gillean caomh,
Bu duilich leotha nuair chual'
iad gun bhuannaich sinn an t-sìth.
Champ a bh'aig a' nèibhidh
dol fo fheum sa Ghearradh Chruaidh,
Siud an camp bha feumail dhuinn nuair thill
sibh leis a' bhuaidh,
'S an luchd a gheall mòr aoibhneis dhuinn 's a
leugh sinn iomadh uair,
Gheà rr iad uisg' na speuran bhuain nuair a 'raid'
sinn a' Ghearraidh Chruaidh.
An luchd a fhuair math a' bhlà ir 's
e pà irt chaidh às an ciall,
Chan eil fear ac' nach eil fà rdach
aig' rinn beartas a' chlò mhòr,
Ach nuair thug sinn an cath gu
ceann a' coimhead na neòil is tìr,
'S ann lùigeadh iad
ar fuadach null thar chuan gu tìrean ùr.
Air uachdar Cuan
Phacific ann am meadhan banca ceò,
Tha mise a' faighinn riarachadh na
briathran-s' chur air dòigh,
Cha b'ann an seo bu mhiann leam bhith nam
faighinn rian bith-beò,
Ach còmhla ri mo theaghlach tha ri tà mh
an Eilean Leòdhais.
Port Hobart 's i am bà ta air a bheil mi
an-drà sta nam là imh,
New Zealand chì mun t-Sà baid
sinn, ma thèid na cùisean leinn,
'S nuair lìonas iad an-à irde
dhuinn i le cà ise, feòil is clòimh,
Tha mo dhòchas
dùbailt' gum bi Bhliadhn' Ùr againn an Leòdhas.

