22mh Cèitean 2008, Maria
Trà th madainn an-diugh bha sinn a' filmeadh anns a' phà irc.

To play this video you require Flash. .
Bha sinn a' filmeadh buidheann de dhaoine a' dèanamh Tai Chi, seòrsa de sgil gaisgeanta. 'S e spòrs grinn a th' ann anns am bithear a' gluasad là mhan agus casan gu slaodach, cùramach. An toiseach bha a' phà irc cho sà mhach agus gu robh mi a' stiùireadh JP agus Dave fo m' anail, chluinneadh tu cèilearadh eòin agus uisge san loch.


Mean air mhean, thòisich an t-à ite a' lìonadh le ceudan de sheann daoine. Bha e coltach ri ionad-spòrs do chailleachan agus bodaich. Chunnaic sinn cailleachan a' dèanamh aerobics ri ceòl bho na h-ochdadan, cupail a' danns gun cheòl, feadhainn eile le claidheamhan, gaothairean no pom poms, feadhainn a' bualadh am boisean agus ag èigheach a dh' aon ghuth; bha daoine a' cluich badminton às aonais lìon, ag iasgach, a' leumadaich no dìreach a' peantadh litrichean Sìonach air an là r le brusaichean agus uisge. Feumaidh e bhith gu robh a' mhòr-chuid fo aois 60 ag obair no san sgoil.
22mh Cèitean 2008, Gerald
Chunnaic Gerald daoine a' dèanamh Tai Chi anns a' phà irc trà th anns a' mhadainn.

To play this video you require Flash. .
22mh Cèitean 2008, Gerald
An-diugh, as dèidh dhuinn mocheirigh a dhèanamh (agus beagan Tai Chi), chaidh mi-fhìn agus Maria do mhòr-bhùth a dh' fhaighinn botail bùirn (feumaidh tu bhith faiceallach le do stamag nuair a tha thu a' siubhal) agus bataraidhean don chamara agus eile.

Bha e rudeigin neònach. Uill, chan ann neònach, buileach. Dìreach eadar-dhealaichte.
An toiseach cheannaich sinn pà ipear-sgrìobhaidh. Bha sinn dol ga thoirt leinn, ach cha leigeadh an neach-bùtha leinn sin a dhèanamh. B' fheudar dhuinn fhà gail aige ach thug e dhuinn pìos pà ipeir air on robh a' phrìs sgrìobhte. An uairsin, dh' fhalbh sin a cheannach bhataraidhean. Thòisich a' ghà ireachdainn oir cha b' urrainn dhuinn am facal Sìonach air an son (air fhuaimneachadh mar dyen-chur) a rà dh. Thachair an aon rud an seo, bha againn ri na pìosan pà ipeir air an robh na prìsean sgrìobhte a thoirt gu à ite ann am meadhan na bùtha airson a h-uile cà il a phà igheadh còmhla.
Chaidh sinn an uairsin timcheall na bùtha a' cruinneachadh an stuth againn bho na daoine ris an do choinnich sinn.
Mar a thuirt mi – eadar-dhealaichte.
22mh Cèitean 2008, Gerald
Chaidh sinn an coinneamh Alasdair anns a' mhadainn, còmhla ri Seòras agus ar drà ibhear. Rà inig e trà th agus mar sin thà inig air feitheamh greiseag gu mì-fhortanach. Bha e sgìth oir cha do chaidil e idir air a' phlèan. Tha e a' dol a chadal an-drà sta airson uair no dhà agus coinnichidh sinn aig a trì airson sgeul ar turais gu ruige seo innse dha.
No 's dòcha gum bu chòir dhomh toirt air an leabhar-latha seo a leughadh?
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.