27mh Cèitean 2008, Rhiannon
±á²¹±ôò,
Tha cùisean air socrachadh a-nis agus mu dheireadh-thall 's urrainn dhomh cunntas às ùr a thoirt dhuibh air na th' air a bhith tachairt aig a' cheann-sa. Uill, nuair a rinn an sgioba air Sìona bha mise an dùil suidhe le mo chasan an-à irde agus lòn fada no dhà a ghabhail - teansa caol! Ach as dèidh còmhraidh fòn le Gerald bho phort-adhair Amsterdam, bha mi nam ruith a-rithist! Às dèidh fòn a chur gu Seòras agus gu Oifis nan Cead-siubhail dhà no thrì tursan thuig sinn nach robh dòigh ann air Doneil fhaighinn a Sìona ann an à m. 'S e an aon roghainn a bh' againn cuideigin eile bhon sgioba Ghà idhlig a chur a-null. Tha Alasdair cleachdte ri bhith a' filmeadh thall-thairis agus tha na banachdachan a dh'fheumas e aige - taghte.
Gu h-iongantach, fhuair Seòras air bhìosa obrach a chur troimhe ann an cabhaig. Thog Alasdair a' bhìosa bhon chonsalachd ann an Dùn Èideann an ceann dà latha agus sin e air a shlighe a Shìona.
Bidh mi a' bruidhinn ris an sgioba gach latha agus mar a chì sibh bho na tha iad air a sgrìobhadh, tha a' dol leotha. Tha e coltach gu bheil an criutha sgoinneil - naidheachd mìorbhaileach. Bho dh'fhalbh iad tha mi air a bhith a' bruidhinn ri ar comhairliche air Slà inte agus Sà bhailteachd - Nick. Bho thoiseach bha Gerald agus Maria an dùil siubhal à Beijing gu Henan agus à sin gu Chongqing. Bha beagan iomagain oirnn gu-tà mu iad a bhith a' gluasad mu chuairt Sìona ri linn na crith-thalmhainn uabhasaich. Tha Nick air a bhith a' bruidhinn ri daoine ann an Sìona aig a bheil eòlas ionadail - Ceannard Seirbheis Cruinne Sìonach a' BBhC, sgiobaidhean naidheachd a th' ann an Sìona agus mar sin air adhart. Thug Nick deagh chomhairle dhomh a chuir mi null.
Chaidh innse dhuinn nach eil milleadh structarail no milleadh air rathaidean far a bheil an sgioba agus dh'fheumadh iad siubhal tòrr nas fada gu Siar mus tigeadh iad gu sgìrean a bh' air am bualadh. Bha dùil aca drà ibheadh astar gu na h-à itichean filmidh. Chaidh innse dhuinn gur dòcha gun toireadh seo nas fhaide nan à bhaist. Faodaidh uisge monsoon a bhith ann mun à m-sa bhliadhna, ag adhbhrachadh tuiltean gu h-obann. Tha seo ag adhbhrachadh tubaistean air na rathaidean. Feumaidh iad mar sin sùil a thoirt air an aimsir mus fhalbh iad gach latha. Tha Seòras agus an criutha fiosrach mun seo cuideachd ach tha e feumail a thaobh sà bhailteachd comhairle fhaighinn bho dhà no thrì eòlaichean.
Tha dùil agam bruidhinn riutha an ceann uair a thìde agus innsidh mi dhuibh ciamar a tha a' dol dhaibh ann an Henan.
27mh Cèitean 2008, Rhiannon
Mise a-rithist... tha mi dìreach air a bhith a' bruidhinn ri Maria. Tha a h-uile cà il ceart gu leòr ann an Henan, ach thà inig puinnseanachadh-bìdh air Gerald a-raoir, 's mar sin cha b' urrainn dha a dhol a filmeadh aig an sgoil a tha a' teagaisg kung fu. Tha e coltach gum bi e ceart gu leòr airson sgèith a-mà ireach ged-tà .
Tha iad/sinn iomagaineach an-drà sta air sgà th 's gu bheil 80,000 neach eile gan gluasad a-mach às an sgìre far an do thachair an crith-thalmhainn. Tha aithrisean air nochdadh gu bheil bruaichean loch gus spreadhadh, 's gun adhbhraich sin tuil san tìr mun cuairt. A rèir coltais, tha a' mhòrchuid den fheadhainn a tha gan gluasad a' dol gu Chongqing. Tha mi air a bhith a' bruidhinn ri Nick gus dèanamh cinnteach nach eil comhairle sam bith aigesan dhaibh. 'S dòcha gum bi buaidh aig an t-suidheachadh seo air an rathad a ghabhas iad gun ath à ite.
Tha trioblaidean aca cuideachd le na pìosan bhidio a tha iad a' clà radh - chan eil iad a' faighinn air an toirt bhon chamara! Tha Alasdair a' feuchainn ri seo a chur ceart an-diugh.
27mh Cèitean 2008, Gerald
Cha deach mi a dh' obair an-diugh.
Chaidh sinn (na h-Albannaich a th' air an sgioba) a-mach gu biadh a-raoir agus bha e duilich conaltradh leis an tè a bha ag obair san taigh-bidhe. B' fheudar dhuinn dìreach na thug i dhuinn a ghabhail – cinn mhusgain-chaoil, brot air a dhèanamh air feòil-caorach, brot fuar milis coltach ri jelly, rus agus glasraich. Cha robh e math. Bha sinn fiù 's air taigh-òsta mòr a thaghadh agus dùil againn gum faigheadh sinn biadh ann nach dèanadh cron air ar stamagan lag.
Bha sinn ceà rr.
Bha mi an-à irde fad na h-oidhche 's mi, dè chanas mi, gu math tinn. Tha mi a' smaoineachadh gur e rudeigin a dh' ith mi bu choireach.
Chuir mi seachad an latha san leabaidh a' feuchainn ri faighinn seachad air agus ag òl deoch bùirn le siùcar agus salainn na mheasg. Tha e duilich a chreidsinn gu bheil mi ag innse seo dhuibh!
Tha mi a' faireachdainn sgìth. Cha chreid mi nach caidil mi a-rithist.
Bleugh.
27mh Cèitean 2008, Maria
Bha mi faireachdainn math dha-rìribh nuair a dhùisg mi an-diugh. Airson a' chiad uair bho rà inig mi Sìona fhuair mi 8 uairean de chadal. Bha dùil agam gur e latha math bha gu bhith ann.
Agus b' ann an uairsin a thòisich cùisean a' dol ceà rr.
An toiseach, dh' fhòn Gerald – tha e air a bhith tinn fad na h-oidhche agus chan urrainn dha a dhol a dh'fhilmeadh an-diugh.
'S e an ath rud gu bheil an tè a tha sinn a' filmeadh a' dèanamh kung fu ag innse dhuinn gum bi i a' cur seachad an fheasgair ann an talla-spòrs, an à ite a bhith a-muigh mar a bha sinn ag iarraidh. Bha an talla-spòrs là n sgà thanan – is dòcha gu bheil cuimhne agaibh air na sgrìobh mi bho chionn ghoirid mu dheidhinn faileasan.
An uairsin chaidh sinn a shealltainn air pà irt den sgoil a bha dùil againn a chleachdadh airson agallamh. Lorg sinn à ite brèagha. Dh' fhalbh sin a dh' fhaighinn biadh. Nuair a thill sin tha busaichean air a thighinn agus tha ceudan de luchd-turais ag èaladh timcheall agus tha ceòl a' dòrtadh a-mach à siostam PA faisg air là imh. A dh' aindeoin 's mar a dh' fheuch sinn toirt orra a chur dheth, b' fheudar dhuinn à iteigin eile a lorg – tha fhathast cus fuaim ann agus chan eil e idir cho brèagha.
Tha a h-uile duine greannach.
Thill sinn do chlas-trèinidh kung fu agus bha an clas air tilleadh don talla-spòrs – rinn sinn an-à ird ar n- inntinn cead iarraidh aon chlas a ghluasad a-mach. A-nis, tha mìltean de dh' oileanaich a' strì airson rùm agus tha againn ri bhith toilichte ri trannsa chumhang taobh a-muigh an talla-spòrs. Tha an nighean a' leumadaich le maide gheur agus tha na dealbhan a' coimhead math. Ach chan eil sinn ach letheach slighe tron latha. Tha sinn a' feuchainn ri seallaidhean farsaing (no wide shot) a chlà radh gus am faic daoine meud na sgoile, ach tha feadhainn den luchd-teagaisg an aghaidh seo. Rinn sinn ar dìcheall leis an fhilmeadh agus ghluais sinn chun an ath à ite – seòmar nan duaisean – là n sgà thanan agus preasaichean glainne.
Tha a h-uile duine greannach.
Cho-dhùin mi fois a thoirt don sgioba airson dà uair a thìde mus tilleadh sinn airson tuilleadh filmidh. Tha sin nas aotroma. Thòisich an nighean agus a caraidean a' sabaid le am biadh agus tha barrachd fealla-dhà againn.
Dhrà ibh sinn air ais don taigh-òsta agus chuir na polis stad oirnn airson leth-uair a thìde fhad 's a tha cà raichean VIP a' gabhail seachad.
Tha a h-uile duine greannach.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Oifis dùthcha a tha stèidhichte ann an dùthaich eile.
Siostam airson fuaim no còmhradh a sgaoileadh aig ìre a tha à rd gu leòr airson a chluinntinn ann an à ite mòr.
Sealladh ann am film no prògram telebhisein a tha ga fhilmeadh bho astar gus am faic thu barrachd dheth.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.