25mh Cèitean 2008 00:00, Alasdair
Dh' fhà g an sinn Beijing an-diugh a' dèanamh air baile Dengfeng ann an sgìre Henan mu naoi ceud mìle gu deas. Tha sianar anns an sgioba agus ceithir-deug de bhagaichean agus bhogsaichean. Mar a thuigeadh tu - tha sin rudeigin duilich gach nì a chumail ann an òrdugh agus fios a bhith againn uile co leis a tha dè. Cha tug an t-itealan ach uair a thìde gu leth - mar sin cha robh fada ri dhol. Leis a' chuideam a bh' anns an stuth againn, b' fheudar dhuinn airgead a bharrachd a phà igheadh dhan chompanaidh adhair. Tha sgiobaidhean telebhisein tric a' giùlain tòrr stuth agus mar sin feumar airgead a bharrachd a phà igheadh. Rà inig a h-uile duine (agus na bogsaichean beaga agus mòr) slà n sà bhailte gu h-iongantach.
A-mà ireach tha sinn gu bhith a' clà radh aig sgoil shònraichte a tha a' teagaisg Kung Fu - feumaidh sinn a bhith faiceallach mus cuir sinn fearg air duine sam bith!
25mh Cèitean 2008, Gerald
Dh'fhà g sinn Beijing as dèidh, deich latha?

Air mo chois trà th a' pacadh. 'S LUGHA orm pacadh. B' fheudar a dhèanamh gu-tà . Choinnich sinn ris a' chriutha aig 11.00m as dèidh soidneadh a-mach às an taigh-òsta. Sin sinn a' dèanamh air port-adhair Bheijing nar bus là n bhagannan. Bha ultach de dh'uidheamachd againn. Bha againn ris a h-uile cà il air am biodh feum airson an còrr den turas a thoirt leinn: uidheamachd-fuaim, teipichean, solais, sgrionaichean, a h-uile cà il. Rinn sinn cruach inntinneach dheth aig deasga a' phuirt-adhair.
Chaidh sinn tro sgrùdadh nan cead-siubhail gun thrioblaid (ged a chaidh botal de nigheadair-là imhe antibacterial a thoirt bho Maria oir bha am botal ro mhòr). Thug an turas-adhair gu sgìre Henan mu uair a thìde gu leth. 'S e plèana beag a bh' ann nach robh ro chofhurtail.
B' e an diofar anns an teas a' chiad rud a bhuail mi nuair a rà inig sinn. Tha e tòrr nas teotha na Beijing agus tha barrachd taiseachd san adhar. Tha fallas a' sruthadh bhuat!
Dà uair a thìde a' drà ibheadh chun an taigh-òsta agus bha an t-à m ann ar stuth a thoirt a-mach a-rithist. Hurrah.
25mh Cèitean 2008, Maria
Bha ar ciad coinneamh ghnìomhachais oifigeil againn a-nochd. Chaidh Ceannard agus Oifigear Dà imh Poblach na Sgoile aig an Acadamaidh Kung Fu iarraidh gu dìnnear aig ar taigh-òsta. Thòisich sinn le ar cairtean gnìomhachais a thoirt dhaibh. Chleachd sinn ar dà là imh airson an toirt seachad oir ann an Sìona tha e mì-mhodhail rud a ghabhail no a thoirt seachad a' cleachdhadh aon là imh.
Bha againn an uairsin ris a' phròiseict agus na bha sinn an dùil fhilmeadh an ath latha a mhìneachadh. Shaoil leinn gun tug seo ùine mhòr, mhòr, mhòr, mhòr. Thà inig am biadh mean air mhean ach cha b'urrainn dhuinn cà il ithe gus an deach crìoch a chur air gnothaichean foirmeil. Chan urrainn dhut cà il a dhèanamh ach tòrr teatha òl (agus do chasan a phasgadh). Thà inig an còmhradh gu crìoch mu dheireadh thall agus shaoileadh tu gu robh daga-tòiseachaidh air a dhol dheth oir thòisich sinn, na chopsticks a' falbh mar an dealanaich.
(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Anns an t-suidheachdadh seo, sgrion air am faic an stiĂąiriche na tha an neach-camara a' filmeadh fhad is a tha am filmeadh a' dol air adhart.
Neach a bhios a' brosnachadh dĂ imh chĂ irdeil eadar buidheann agus am pobal.
Coinneamh fhoirmeil mu chuspairean obrach.
Âé¶ąÉç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air lĂ raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.