24mh Cèitean 2008, Alasdair
Anns a' bhidio tha Alasdair ag innse ciamar a thathas a' taghadh à ite filmidh.

To play this video you require Flash. .
24mh Cèitean 2008, Maria
As dèidh duilgheadasan an latha an-dè, chòrd an latha an-diugh rinn glan. Dhrà ibh sinn uair a thìde a-mach às a' bhaile mhòir, thruaillte agus chunnaic sinn gorm an adhair airson a' chiad uair bho chionn seachdain.
Bha sinn a' cèilidh air teaghlach aon-leanaibh aig an taigh anns am bi iad a' fuireach air an deireadh sheachdain. Abair taigh - bha rùm ann cho mòr ri sabhal, dìreach airson geamannan, leithid teanas-bùird, tà ileasg agus goilf-taighe. Bha bucas-fòn dearg ann cuideachd.
Bha an teaghlach cho snog agus cho bà idheil 's gun do chòrd an latha rinn uile, ged a bha e bruthainneach - mu 38 puing. Dh' fhilm sinn an teaghlach a-muigh le monadh à lainn air an cùlaibh. Chluich iad gèam nach robh eu-coltach ri Connect Four, ach dìreach gu robh agad ri còig a chur còmhla.
Abair gun do rinn an latha sin eadar-dhealachadh dhuinn.


24mh Cèitean 2008, Alasdair
Bho rà inig an sgioba Sìona tha ar cuid obrach air a bhith tòrr nas fhasa leis gu bheil a h-uile duine cho cà irdeil 's cho cuideachail. Tha gach neach ris a bheil sinn a' coinneachadh deònach bruidhinn agus a' cur taic rinn.
Bha sinn an-diugh ann am baile beagan is uair a thìde a-mach à Beijing a' tadhal air taigh samhraidh teaghlaich ris an do choinnich sinn an-dè. As dèidh dhuinn agallamh fhilmeadh cha leigeadh iad leinn fà gail às à onais diathad a ghabhail, chan e diathad à bhaisteach, ach biadh sònraichte nach bi iad ach a' còcaireachd uair no dhà sa bhliadhna air cuirmean sònraichte. Bha e à lainn. Dìnnear a bh' ann a bhuineas dhan sgìre le parsailean beaga air am bruich ann an uisge goileach, cuid le feòil cuid às à onais feòla. Bha sin na fhaochadh dha Gerald agus Maria leis nach bi iad ag ithe feòil idir.
24mh Cèitean 2008, Gerald
1. A bhith a' cluich ball-basgaid còmhla ri Maria aig taigh-samhraidh Xiao Di. (Thà inig orm am ball a thilleadh a-mach às an lòn iasg aige). Is dòcha gun inns i dhuibh gun do bhuannaich ise, ach cha robh mi a' dèanamh mòran oidhirp.
2. Bha deagh chraic agam le Dave ann an cùl a' bhus. Dh' ionnsaich e facail agus abairtean Sìonach dhuinn agus dh' ionnsaich sinne feadhann Bheurla agus Frangach dhà san. [Tha a' bhidio seo ann am Beurla.]

To play this video you require Flash. .
3. Thog mi dealbhan èibhinn còmhla ri Xiao Di.



Ìý
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.