29mh Cèitean 2008, Cathaidh
An-diugh bha mi anns an stiùidio mhòr a-rithist a' clà radh dà dhrà ma airson an t-sreath rèidio Èisteachd agus Labhairt. Tha iad mu seanmhair a tha a' tilleadh na manadh agus tha a' cur beatha a h-ogha, Alex, bun os cionn! Seach gun robh mi air a bhith clà radh t-seachdain roimhe bha mi na b' eòlaiche air an ùine a bheireadh e an stiùidio fhaighinn air dòigh a thaobh teicneòlais mus tòisichinn a' claradh gach seallaidh.
'S e Mic an t-innleadair fuaim a bha a' toirt taic dhomh anns an stiùdio fad na seachdain. Fhuair mi comhairle feumail bhuaithe airson an ath thurais cuideachd. Ged a tha fuaimean sònraichte ri chur ri na drà mathan, airson a thoirt a chreidsinn air an luchd-èisteachd gu bheil na suidheachaidhean dha-rìribh a' tachairt, mhol Mic dhomh gum biodh e air a bhith air leth feumail nam biodh sinn air coinneachadh ro là imh agus dh'fhaodadh e a bhith air na fuaimean sònraichte a chur ri na drà mathan fhad 's a bha sinn gan clà radh an à ite a bhith gan cur ann as dèidh là imh - agus shà bhaladh seo ùine cuideachd. Tha e cho fìor, mar as fheà rr a nì thu ullachadh, is ann as fhasa. Seo rud a tha mise air ionnsachadh son an ath thurais a bhios mi a' clà radh drà mathan son rèidio.
29mh Cèitean 2008, Gerald

(g. tasglann)
(g. facail feumail)
Neach a tha os cionn clà radh agus ìrean fuaim ann an clà radh stiùidio.
Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.